- Home Professional Standards Inbhean Proifeiseanta airson Tidsearan
Professional Standards
- National Framework for Inclusion
- Professional Standards for Teachers
- Professional Standards for Lecturers in Scotland’s Colleges
- Headship Qualifications
- Archive: 2012 Professional Standards
- Explore the Professional Standards
- Key cross-cutting themes
- Self-evaluation
- Tools to support self-evaluation
- Reflective Questions
- Professional Standards and Professional Learning
- Embedding the Professional Standards in practice
Inbhean Proifeiseanta airson Tidsearan
Tha na h-Inbhean Proifeiseanta airson Tidsearan na h-Alba a’ comharrachadh proifeiseantachd thidseir ann an Alba: ‘dòigh’ thidsearan.
Chaidh Inbhean Proifeiseanta ath-nuadhaichte agus ath-structaraichte achdachadh air 2 Lùnastal 2021, agus faodar am faicinn gu h-ìosal.
Tha na h-Inbhean Proifeiseanta a’ toirt taic do agus ag adhartachadh com-pàirteachas, ceannardas, rannsachadh agus ionnsachadh proifeiseanta agus tha iomadh adhbhar air an son.
Adhbharan nan Inbhean Proifeiseanta
A bhith nad thidsear ann an Alba
Tha Inbhean Proifeiseanta 2021 a’ gabhail a-steach earrann ùr leis an tiotal ‘Being a teacher in Scotland’ a tha a’ cur cudrom air luachan proifeiseanta de cheartas sòisealta, earbsa agus urram agus treibhdhireas mar a bhith aig teis mheadhan na tha e a’ ciallachadh a bhith nad thidsear ann an Alba.
Tha seo a’ stèidheachadh nan Inbhean Proifeiseanta mar an fhrèam-obrach a tha a’ toirt taic do na tha e a’ ciallachadh a bhith a’ fàs, a bhith agus a bhith a’ tighinn air adhart mar thidsear ann an Alba.
Tha am fòcas làidir air luachan proifeiseanta a’ cuideachadh thidsearan a bhith a’ leasachadh an dearbh-aithne phroifeiseanta agus mar stèidh do h domhainn airson fàs cognatach, sòisealta agus faireachail agus sunnd.
Tha na h-Inbhean Proifeiseanta aig teis mheadhan, agus air an comharrachadh tro, dàimhean proifeiseanta thidsearan, am meòrachadh agus an gnìomhan nam modh-obrach phroifeiseanta.
Tha dealas mu bhith a’ meòrachadh air na ceanglaichean eadar luachan agus gnìomhan agus ionnsachadh proifeiseanta fad dhreuchd mar earrann dheatamach de bhith a’ leasachadh proifeiseantachd thidseir.
Fàilte gu Inbhean Proifeiseanta 2021
An Inbhe airson Clàradh Sealadach
Is e an Inbhe airson Clàradh Sealadach an t-slat-tomhais de chomas a thathar a’ sùileachadh bho oileanaich a tha gu bhith nan tidsearan aig deireadh Tùs Fhoghlam Thidseir a tha a’ sireadh clàradh sealadach le GTC Alba.
Tha an Inbhe Phroifeiseanta seo a’ cur an cèill na thathar a’ sùileachadh bho neach a tha gu bhith na t(h)idsear ann an Alba.
An Inbhe airson Làn Chlàradh
Is e an Inbhe airson Làn Chlàradh bun-stèidh nan Inbhean Proifeiseanta agus is e an t-slat-tomhais den chomas a dh’fheumas gach tidsear clàraichte ann an Alba.
Is e an Inbhe Phroifeiseanta seo an geata chun a’ phroifeisein agus tha e a’ co-shuidheachadh nan inbhean teagaisg san urrainn do mhisneachd a bhith aig luchd-ionnsachaidh, pàrantan, am proifeisean e fhèin agus a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd.
Tha an Inbhe Phroifeiseanta seo a’ gabhail a-steach na tha e a’ ciallachadh a bhith nad thidsear ann an Alba.
An Inbhe airson Ionnsachadh Proifeiseanta Fad Dhreuchd
Tha An Inbhe airson Ionnsachadh Proifeiseanta Fad Dhreuchd a’ tabhann frèam-obrach àrd-mhiannach agus leasachail do thidsearan.
Tha e ag innse mun t-sàr eòlas proifeiseanta agus an ealantas oide-eòlach a bu chòir do thidsearan clàraichte a leasachadh agus a chumail suas fhad ’s a tha iad a’ leantainn orra a’ dèanamh adhartas sa phroifeisean teagaisg agus foghlaim.
Tha an Inbhe Phroifeiseanta seo a’ toirt taic do fhàs proifeiseanta thidsearan ann an Alba.
Inbhe airson Ceannardas sa Mheadhan
Tha an Inbhe airson Ceannardas sa Mheadhan a’ tabhann frèam-obrach mòr-mhiannach agus leasachail do thidsearan ann an no a’ beachdachadh air dreuchdan ceannardais.
Tha e a’ cur an cèill an lèirsinn ro-innleachdail, an t-eòlas agus an tuigse phroifeiseanta, sgilean agus comasan eadar-phearsanta agus gnìomhan proifeiseanta a tha a’ toirt taic do thidsearan ann an dreuchdan ceannardais.
An Inbhe airson Ceannas
Tha anInbhe airson Ceannasair a dheilbh gus taic a thoirt do fhèin-luachadh agus meòrachadh neach fa leth mar phàirt deatamach de leasachadh ceannardais.
Tha adhbhar a bharrachd an cois anInbhe airson Ceannasa bhith na riatanas do thidsearan a tha air am fastadh gu maireannach ann an dreuchdan ceannard-sgoile ùghdarrais ionadail.