- Home Cò sinn
Cò sinn
B’ e Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba (GTC Alba) aon de na ciad comhairlean teagaisg san t-saoghal an uair a chuireadh e air chois le tidsearan ann an 1965.
Ann an 2012, tro reachdas a chaidh achdachadh le Pàrlamaid na h-Alba b’ e seo a’ chiad bhuidheann neo-eisimeileach, fèin-riaghailteach san t-saoghal airson teagasg.
Tha GTC Alba air a riaghladh le Comhairle a tha a’ suidheachadh poileasaidh GTC Alba. Is e tidsearan a tha air an taghadh an àireamh as motha de bhuill na Comhairle.
Tha GTC Alba a’ suidheachadh inbhean proifeiseanta còmhla ri agus airson tidsearan agus òraidichean na h-Alba.
Is e riatanas laghail a tha ann gum bi a h-uile tidsear a tha ag obair ann an sgoiltean na h-Alba air an clàradh le GTC Alba.
Ann an 2018, bha aonta nàiseanta ann airson gach òraidiche a bha ag obair ann an colaistean Alba a bhith air an clàradh tro GTC Alba.
Leugh tuilleadh mu eachdraidh GTC Alba ann an Milestones and Minefields le Ian Mathieson.
Ar n-obair
Is e ar lèirsinn a bhith a’ brosnachadh proifeiseantachd teagaisg aig ìre an t-saoghail. Is e ar misean a bhith a’ cumail suas treibhdhireas clàraidh agus riaghlachas a’ phroifeisein mar dhìon air càileachd foghlam ann an Alba agus gus proifeiseantachd teagaisg àrdachadh aig ìre gach neach, buidheann agus siostam. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil seo a’ dèanamh cinnteach gum bi na builean as fheàrr as urrainn a bhith ann do chlann, daoine òga agus luchd-ionnsachaidh a tha nan inbhich.
Ar bun-ghnìomhan
- A bhith mar luchd-gleidhidh airson nan inbhean proifeiseantachd le agus airson tidsearan agus òraidichean na h-Alba
- A bhith a’ dèanamh dealbh den mhodh-giùlain a thathar a’ sùileachadh bho thidsearan agus òraidichean
- A bhith a’ cumail suas Clàr nan Tidsearan ann an Alba le bhith a’ clàradh thidsearan a tha teisteanaichte ann an Alba cho math ri àiteachan eile air feadh an t-saoghail
- A bhith a’ dìon a’ phobaill tro chlàradh agus rianachd èifeachdach de Chlàr nan Tidsearan
- A bhith a’ toirt taic don fheadhainn a tha gu bhith nam proifeiseantaich teagaisg tro bhith:
- a’ creideasachadh prògraman Tùs Fhoghlam Thidsear
- a’ rianachadh an t-Siostam Suidheachadh Oileanach
- a’ rianachd an Sgeama Inntrigeadh Thidsear
- a’ toirt taic do dh’oileanaich agus luchd-pròbhaidh
- a’ toirt taic do luchd-taic luchd-pròbhaidh agus luchd-fastaidh
- a’ toirt comhairle do dhaoine a tha airson a bhith a’ teagasg ann an Alba
- A bhith a’ toirt taic do thidsearan agus òraidichean tro bhith:
- a’ tabhann bun-structar airson ionnsachadh proifeiseanta tro MyPL
- a’ dèanamh cinnteach gu bheil tidsearan a’ cumail an àirde an ionnsachadh proifeiseanta tro Ùrachadh Proifeiseanta
- a’ toirt stiùireadh mu Lèirmheas agus Leasachadh Proifeiseanta èifeachdach
- a’ toirt taic do shunnd tidseir tro ar Hub Slàinte agus Sunnd
- a’ meudachadh fòcas air co-ionannachdan agus iomadachd tro ar Hub Co-ionannachdan agus Iomadach
- a’ solar guth airson teagaisg le bhith a’ toirt comhairle do Riaghaltas na h-Alba agus com-pàirtichean eile
- A bhith a’ misneachadh fàs proifeiseanta thidsearan agus òraidichean tro:
- a’ tabhann chothroman airson aithne proifeiseanta
- a’ duaiseachadh an Inbhe airson Ceannardas
- a’ brosnachadh cuspair a bharrachd no clàradh roinne
- a’ stiùireadh leasachadh coidsidh
- ag aithneachadh agus a’ comharrachadh sàr-mhaitheas ann an ionnsachadh proifeiseanta
- a’ dol an sàs le com-pàirtichean nàiseanta agus eadar-nàiseanta leis an amas a bhith a’ toirt buaidh air fàs thidsear ann an Alba
- a’ tabhann fiosrachadh, comhairle agus taic dìreach gu tidsearan tron iris Teaching Scotland agus sreath de bhileagan-iùil phroifeiseanta
Ar reachdas riaghlaidh
- Buileachadh Inbhe Neo-eisimeileach: The Public Services Reform (General Teaching Council for Scotland) Order 2011
- An riatanas airson tidsearan a tha ag obair ann an Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba clàradh: The Requirements for Teachers (Scotland) Regulations 2005
- An riatanas airson tidsearan a tha ag obair ann an Sgoiltean Neo-eisimeileach agus le Taic Tabhartais clàradh: The Registration of Independent Schools (Prescribed Person) (Scotland) Regulations 2017
- Aonta airson Òraidichean Colaiste clàradh: National Joint Negotiating Committee Circular 03/18