About Us
- Council
- Council Members
- Committees and Panels
- Council Meetings and Minutes
- Council Elections
- Executive
- Work with us
- Corporate Publications
- Consultations
- Who we work with
- Freedom of Information
- Feedback or complain about our services
- Contact Us
- Ethics and the Teaching Profession
- Accreditation and Entry Requirements for Initial Teacher Education
- Media
Obraich còmhla rinn
Àiteachan Bàn
Tapadh leibh airson ur n-ùidh ann a bhith ag obair còmhla rinn. Chan eil àiteachan bàn againn an-dràsta. Cùm sùil air an seo.
Luachan Proifeiseanta
Is iad ar luachan:
- Earbsa agus Urram – Tha fhios againn gur ann mu ar deidhinn fhèin gu lèir a tha GTC Alba agus gu bheil sinn uile co-ionann a thaobh cudromas. Bidh sinn gu gnìomhach a’ sireadh a-mach agus ag èisteachd ri beachdan dhaoine eile. Bidh sinn a’ toirt taic do chàch a chèile agus a’ gabhail ùine airson a bhith a’ togail suas càirdeasan obrach deimhinneach. Bidh sinn ag aithneachadh agus a’ comharrachadh soirbheas agus a’ strì gus a bhith a’ lìbhrigeadh seirbheisean de dh’àrd-chàileachd do chlàradairean.
- Treibhdhireas – Nì sinn na tha sinn ag ràdh a nì sinn. Tha ar treibhdhireas cudromach dhuinn agus aig GTC Alba bidh sinn a‘ lìbhrigeadh ar planaichean agus a‘ conaltradh gu h-èifeachdach le luchd-clàraidh, ar com-pàirtichean, am poball, buill ar Comhairle agus taobh a-staigh na buidhne. Tha sinn dealasach mu shìor-ionnsachadh agus a bhith a‘ leasachadh na tha sinn a‘ dèanamh.
- Ceartas Sòisealta – Tha a bhith ag obair aig GTC Alba a’ ciallachadh a bhith a’ gabhail ri iomadachd agus ag aithneachadh agus a’ comharrachadh eadar-dhealachaidhean. Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil sunnd èifeachdach aig cridhe proifeiseantachd agus bidh sinn ag amas air a bhith a’ toirt taic do chàch a chèile agus do ar luchd-clàraidh. Bidh sinn a’ gabhail gu dìon ris an uallach a tha oirnn a bhith a’ toirt dùbhlan do lethbhreith.
Prionnsabalan
Is e ar prionnsabalan ar luachan ann an gnìomh:
- Tha cùram oirnn: AigGTC Alba tha cùram oirnn airson foghlam agus airson an àm ri teachd airson ar buidhne. Tha sinn a’ toirt urram do na riatanasan a tha oirnn mar charthannas neo-eisimeileach, buidheann proifeiseanta agus riaghlaiche. Tha sinn ag àrdachadh proifeiseantachd ann an teagasg sa h-uile càil a tha sinn a’ dèanamh gus taic a thoirt do luchd-clàraidh. Tha sinn a’ creidsinn le bhith a’ dèanamh seo gun cuidich sinn luchd-ionnsachaidh aig a’ cheann thall. Tha sinn ag obair gu cùramach san dòigh sa bheil sinn a’ cleachdadh ar stòrasan agus tha sinn a’ dèiligeadh ri cùisean seasmhachd ann an da-rìribh.
- Tha sinn a’ cur luach air: Aig GTC Alba tha sinn a’ cur fòcas air a bhith a’ tuigsinn chùisean a tha a’ toirt buaidh air ar luchd-clàraidh. Bidh sinn a’ cleachdadh dàta gus dèanamh cinnteach gu bheil ar seirbheisean de dh’àrd-chàileachd, a’ tabhann guth airson luchd-clàraidh agus mar sgàthan air sùileachaidhean ar luchd-clàraidh agus am poball.
- Tha sinn ag ionnsachadh: Aig GTC Alba tha sinn uile nar luchd-ionnsachaidh. Tha fios againn gu bheil uallach oirnn a bhith a’ leantainn oirnn ag ionnsachadh, a’ co-roinn ionnsachadh agus ag obair gu cruthachail gus fuasglaidhean deimhinneach fhaighinn.
- Tha sinn a’ conaltradh: Tha sinn trìd-shoilleir sa h-uile nì a bhios sinn a’ dèanamh. Bidh sinn ag obair gus ar teachdaireachdan a lìbhrigeadh gu soilleir agus ag èisteachd ri daoine eile ann an dòigh sam bi sinn a’ faighinn làn bhrìgh na thathar ag ràdh agus a tha a’ dèanamh cinnteach gu bheil sinn air cluinntinn agus air tuigsinn. Tha sinn ag aithneachadh gu bheil conaltradh èifeachdach a’ ciallachadh a bhith a’ tuigsinn nan co-theacsan sa bheil sinn ag obair agus a’ mìneachadh brìgh nithean iom-fhillte.
- Tha sinn a’ co-obrachadh: Bidh sinn a’ dèanamh glè bheag leinn fhìn, bidh sinn ag obair leis an luchd-clàraidh againn, ar co-obraichean agus com-pàirtichean gu co-obrachail gus a bhith a’ coileanadh ar n-amasan iomlan agus ag àrdachadh proifeiseantachd teagaisg. Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil co-obrachadh èifeachdach a’ ciallachadh a bhith gar cur fhìn ann am brògan dhaoine eile agus a’ faicinn cùis bhon taobh acasan.
Co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhaltas
Tha GTC Alba dealasach mu bhith ag adhartachadh co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhaltas.
Aithris mu Co-ionannachd, iomadachd agus in-ghabhaltas
Aig GTC Alba tha sinn ag amas a bhith mar bhuidheann a tha air thoiseach san t-saoghal, agus tha co-ionannas, iomadachd agus in-ghabhaltas mar phàirt riatanach dhen sin.
Tha GTC Alba a’ creidsinn gum bi sàr-mhathais air a choileanadh tro bhith ag aithneachadh luach gach neach.
Tha sinn ag aithneachadh nam bun-chòraichean a leanas airson na feadhainn a tha an-dràsta, no a dh’fhaodadh a bhith san àm ri teachd, an sàs ann a bhith a’ coileanadh ar cuid obrach a bhith:
- air an dèiligeadh riutha le urram agus spèis ;
- air an dèiligeadh riutha gu cothromach a thaobh gach modh-obrach, measaidhean agus roghainnean ; agus
- a bhith air am brosnachadh gus a bhith a’ ruighinn an làn chomais.
Poileasaidh Co-ionannachd, Iomadachd agus In-ghabhaltas
Tha ar Poileasaidh Co-ionannachd, Iomadachd agus In-ghabhaltas a’ comharrachadh ar dealas ann a bhith ag adhartachadh co-ionannachd agus iomadachd agus mar a bhios sinn a’ beachdachadh air co-ionannachd sa h-uile nì sa bheil sinn an sàs.