The General Teaching Council for Scotland

National Gaelic Language Plan

Am Plana Nàiseanta agus Luchd-teagaisg

Tha mi cinnteach gum bidh daoine mothachail gu bheil plana cànain nàiseanta ùr againn a’ ruith gu 2023. San artaigil seo bu mhath leam choimhead air a’ phlana nàiseanta – a’ meòrachadh air na prionnsabalan sa phlana agus a’ moladh ciamar as urrainn dhuinn, mar luchdteagaisg, pàirt a ghabhail san ro-innleachd nàiseanta airson na cànain.

Sa chiad dol a mach, sdòcha bhiodh e feumail ma thòisicheas sinn le corra iomradh air planadh cànain nàiseanta. ‘Se seo a nise, ar treas plana nàiseanta a bhios sinn ag obair air, eadar 2018 is 2023, chaidh am plana air ullachadh le Bòrd na Gàidhlig (as dèidh cochomhairleachaidh nàiseanta gu math farsaing). Fhuair e aontachadh foirmeil le Ministearan na h-Alba, is mar sin dheth, ‘se seo ar ro-innleachd nàiseanta oifigeil airson na cànain a leasachadh.

Uaireannan tha sinn a’ cuimseachadh air na dùbhlain romhainn agus chan eil sinn daonnan ag aithneachadh an adhartais a tha sinn air coileanadh ann an Alba thairis air an tri deicheadan mu dheireadh – mar eiseamplair am fàs gu math cudthromach ann am Foghlam tro Ghàidhlig, An t–Sabhal Mòr Ostaig, MG Alba agus BBC Alba, Fèisean nan Gaidheal agus faicsinneachd na cànain ann an Alba air fad, tro soidhnichean rathaid is rèile – tha tòrr fianais ann air soirbheachas agus comharraicheamaid ar soirbheasan còmhla ri fòcas air na dùbhlain a tha fhathast ann. Fìor inntinneach cuideachd, gum faca sinn, airson a’ chiad uair riamh, sa Chunntas-sluaigh 2011, gun deachaidh aireamh de luchd-labhairt fo aois 25 an àird – ann an dòigh am measg nan leasachaidhean as cudthromaiche.

Bhiodh e cudthromach cuideachd gu bhith soilleir a thaobh feallsanachd a’ phlana – na bun-smuaintean as cudthromaiche ar a chùlaibh. Mar prìomhachas. tha am plana a’ dearbhadh gu daingeann gu bheil A’ Ghàidhlig a’ buntainn do dh’Alba air fad (le iomraidhean taiceil san Fhaclan-tòisich bhon Leas Phrìomh Mhinistear, John Swinney, a’ dearbhadh seo bho thaobh an Riaghaltais). A bharrachd air sin, tha teachdaireachd ann gu bheil a’ chànain aig crìdhe ar cùltair agus ar lèirsinn airson na h-Alba san àm ri teachd – mar a tha e ag ràdh sa phlana, “don linn a dh’fhalbh, don latha an diugh agus don àm ri teachd”.

Is mathaid gum biodh e cudthromach cuideachd gu bhith mothachail gu bheil am plana a’ soilleireachadh nach “ann an urra ri aon bhuidheann no coimhearsnachd” a bhios an dleastanas airson adhartais a libhrigeadh, ach bu chòir dhuinn uile a bhith an sàs leis, a’ toirt taic ris agus a’ cuideachadh, tron obair a bhios sinne a’ dèanamh gu pearsanta, gus a bhith deimhinn gu bheil sinn a’ coileanadh nam prìomhamasan ann an 2023. Ann an dòigh ‘se ro-innleachd nàiseanta agus pearsanta a th’ann.

Dè dh’fhaodas seo a’ ciallachadh dhuinn mar luchd-teagaisg?

Tha fòcas sa phlana air Ionnsachadh is Cleachdadh agus ma bheachdaicheas sinn air an darna chuspair, a bheil sinn riaraichte le cleachdadh na cànain san àite-obrach againn – agus tha mi a’ smaoineachadh mu dheidhinn cleachdadh oifigeil mun chuairt an togalaich far a bheil sinn ag obair agus cuideachd cleachdadh againn fhèin? Tha e follaiseach gur e gu math furasta airson luchd-labhairt na Gàidhlig, a thionndadh gu Beurla (gu seachd àraid ann an àiteachan poblach). Mur eil daoine a’ cleachdadh na cànain mar dòigh chonaltraidh gu làitheil, gu misneachail, nì sinn cròn don chànain (cho cudthromach cuideachd gu bheil sinn a’ brosnachadh daoine òga, gus A’ Gàidhlig a chleachdadh sna sgoiltean far a bheil sinn ag obair, gu seachd àraid, taobh am muigh seòmar a’ chlas – a’ neartachadh ìomhaigh na cànain mar rudeigin feumail, beòthail is spòrsail). Bhiodh seo a’ cuideachadh luchdionnsachaidh na cànain cuideachd, gam misneachadh ri ionnsachadh a bharrachd – a’ cluinntinn na Gàidhlig mar rudeigin nadurra agus beò – ge b’e seo ann am meadhain a’ bhaile Ghlaschu no Dhùn Eideann no ann an sgìrean nas tràidiseanta.

A bheil sinn riaraichte le seirbhisean tro Ghàidhlig dh’fhaodas sinn fhaighinn gu pearsanta – bhon ùghdarras far a’ bheil sinn a’ fuireachd agus bho bhuidhnean eile (cuimhnichibh tha planaichean fa leth aig corr is 50 ùghdarrasan agus buidhnean poblach cuideachd – le 20 eile gan ullachadh)? Chan eil mi dìreach a’ smaoineachadh mu dheidhinn Foghlaim ach seirbhisean san fharsaingeachd – na còirichean a tha againn airson seirbhisean eadar-dhealaichte fhaighinn tron Ghàidhlig.

Mar luchd-teagaisg a bheil sinn riaraichte leis na seirbhisean a tha ùghdarrasan is buidhnean proifeiseanta leithid Foghlam Alba a’ solarachadh dhuinn (gu dearbh a’ gabhail a steach Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba!)? Ma bhios sinn riaraichte, a bheil buidhnean soirbheachail a’ faighinn aisbheachdan taiceil bhuainn air neò, mur eil sinn riaraichte, a bheil sinn a’ moladh dhaibh ciamar a dh’fhaodas iad seirbhisean a’ libhrigeadh nas eifeachdaiche? Tha am plana a’ soilleireachadh ghoireasan is taic do luchd-teagaisg (agus ionnsachadh gu bheil sinn a’ gabhail pàirt gu ghnìomhach ann an roinnleachdan leasachaidh bho bhuidhnean proifeiseanta leithid Foghlam Alba agus Stòrlann Nàiseanta.

Uaireannan cuideachd tha sinn a’ faicinn sna meadhannan no a’ cluinntinn nar beathan fhèin nàimhdeas don Ghàidhlig – feumaidh sinn mheòrachadh air dleastanasan againn fhèin airson mifhios a fhreagairt – gu pearsanta agus gu h-oifigeil – tro chòmhraidhean taiceil pearsanta agus tro ghnìomhan nas foirmeile, tro ar buidhnean proifeiseanta (aonaidhean-ciùird is buidhnean proifeiseanta eile, mar eiseamplair).

Tha lèirsinn aontaichte againn airson na h-Alba – dùthaich far a bheil spèis airson co-ionnanachd is iomadachd aig crìdhe beatha poblach. Feumaidh sinn uile dh’aithneachadh gur e do-sheachainte gu bheil seo a gabhail a steach na Gàidhlig – agus tha dleastanasan againn uile gu bhith ag obair gu dìcheallach airson an lèirsinn seo a’ libhrigeadh. Libhrigeamaid ri chèile ar Plana Cànain Nàiseanta.

JM Whannel, Oraidiche aig Olthaigh Dhùn Èideann is Ball, Bòrd na Gàidhlig

 The article reflects on how teachers might engage with the National Gaelic Language Plan 2018-2023 available in Gaelic and English on the Bòrd na Gàidhlig website at www.gaidhlig.scot

The article notes the context of improvement over recent decades in the status and position of the Gaelic language as an essential element in the cultural life of Scotland. The growth in Gaelic Medium Education and the ever-increasing number of Gaelic language plans (over 50 to date) being delivered by public bodies and other agencies is noted as is the reversal of the decline in the number of speakers below the age of 25 in the 2011 census – after centuries of decline.

The article maintains that Gaelic belongs to everyone in Scotland – it is not a regional language but part of our common cultural heritage having once been spoken across the country.

The Plan focuses on Learning and Usage as core concepts and asks teachers to engage in some reflection and self-evaluation on how they perceive Gaelic is integrated into their professional life and their personal use of public services. Questions are posed around how satisfied they are about wider professional supports and what would be their constructive suggestions regarding improvements. There is a focus on personal, professional responsibilities to engage with a wide range of agencies in ensuring that Gaelic is developed and supported appropriately.

Finally the article notes our commitment as a country to promoting respect for diversity and equality and notes the importance of including the indigenous culture of Scotland as part of that wider perspective.

The National Gaelic Language Plan belongs to all of us and we all have responsibilities around ensuring its success.

http://www.gaidhlig.scot/wp-content/uploads/2018/03/BnG-NGLP-18-23-1.pdf