The General Teaching Council for Scotland

Enhancing professionalism in education since 1965

Menu

Mu ar dèidhinn

’S e Comhairle Choitcheann Luchd-Teagaisg na h-Alba (GTC Alba) am buidheann proifeiseanta neo-eisimeileach a bhios a’ dìon is ag adhartachadh ìrean teagaisg agus a bhios a’ brosnachadh is a’ riaghladh teagasg ann an Alba. Tha sinn ag amas air a bhith nar sàr bhuidheann ann a bhith a’ dèiligeadh ri cùisean foghlaim proifeiseanta.

Chaidh GTC Alba a stèidheachadh ann an 1965, agus b’ e a’ chiad bhuidheann phròifeiseanta airson teagasg agus luchd-teagaisg anns an Rìoghachd Aonaichte agus fear dhe na ciad chomhairlean teagaisg anns an t-saoghal.

Chaidh Òrdugh Ath-leasachadh Seirbheisean Poblach (Comhairle Choitcheann Luchd-teagaisg na h-Alba) 2011 (an t-Òrdugh) a dhèanamh na lagh sa Mhàrt 2011 is chaidh e an àite an reachdais a stèidhich GTC Alba ann an 1965. Tha GTC Alba air a bhith neo-eisimeileach a thaobh ionmhas bho thùs ’s sinn air ar maoineachadh bho luchd-teagaisg seach bhon riaghaltas. Tha raon farsaing de dhleastanasan proifeiseanta aig GTC Alba ach bha feum air aonta deireannach bho Riaghaltas na h-Alba air cuid dhe na co-dhùnaidhean. Thug an t-Òrdugh inbhe neo-eisimeileachd do GTC Alba, 2 Giblean 2012, le cumhachdan a bharrachd is barrachd sùbailteachd gnìomha. Mar thoradh air sin, ’s e GTC Alba a’ chiad bhuidheann fèin-riaghladh proifeiseanta is neo-eismeileach airson luchd-teagaisg.

Anns an Òrdugh:

  • ’S iad na leanas na gnìomhan coitcheann aig GTC Alba:
    • Cumail clàr de luchd-teagaisg
    • Stèidheachadh agus sgrùdadh ìrean iomchaidh foghlaim agus trèanadh do luchd-teagaisg
    • Stèidheachadh agus sgrùdadh ìrean giùlain agus proifeiseantachd ris am bithear an dùil bho luchd-teagaisg clàraichte
    • Dèanamh sgrùdadh air dè cho freagarrach airson teagasg ‘s a tha luchd-teagaisg a tha clàraichte is a tha tagraichean a tha airson clàradh
    • Faighinn fios air foghlam agus trèanadh nan daoine a tha a’ dèanamh chùrsaichean airson a bhith ag oideachadh agus a’ teagasg luchd-teagaisg
    • Beachdachadh air agus toirt mholaidhean do Mhinistearan Riaghaltas na h-Alba mu chùisean co-cheangailte ri foghlam, trèanadh, leasachadh dreuchda is iomchaidheachd airson teagasg a bharrachd air na th’ ann de luchd-teagaisg air an trèanadh
    • Cumail chlàran de dhaoine eile a tha ag obair ann am foghlam, mar a tha iomchaidh
    • Stiùireadh sgeama ‘Ùrachadh Proifeiseantachd’ do luchd-teagaisg
  • ann a bhith a’ coileanadh an dleastanasan, feumaidh GTC Alba:
    • beachd a ghabhail air maith an t-sluaigh
    • sin a dhèanamh ann an dòigh a tha
      • cothromach, cunntasach, follaiseach agus cunbhalach
      • ag amas a-mhàin air far a bheil feum gnìomhan a dhèanamh
      • a’ brosnachadh co-ionnannachd chothroman
      • a’ dol a rèir prionnsabal sam bith eile as fheàrr a thaobh modhan stiùiridh.

Bidh sinn a’ dèanamh cinnteach gum bi clann agus daoine òga ann an Alba a’ faighinn teagasg bho luchd-teagaisg a tha clàraichte agus aig a bheil na teisteanasan iomchaidh agus tha sinn ag amas air co-ionnannachd agus iomadachd anns gach raon dleastanais againn. ’S e carthannas clàraichte a tha annainn; àireamh carthannais SC006187).