The General Teaching Council for Scotland

A’ cur an t-sìl airson àm ri teachd a bhios seasmhach

Soirbheachas prògram pìleat àiteachais a’ toirt cothroman ùra do sgoiltean air a’ Ghàidhealtachd


Mr Swinney is shown how to plant pumpkins under the watchful eye of Richard Jones, Tasha Morrison and Katie BrimsGed a tha roinn tuathanachais, bidhe agus deoch a’ tabhann mòran chothroman obrach, is e glè bheag de dhaoine òga a tha air seo a thaghadh mar dhreuchd sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad.  Le aois chuibheasach thuathanaich Bhreatannach a-nis faisg air 60, tha Acadamaidh Inbhir Narann air ro-innleachd ùr a chur air bhog gus feuchainn ri seo atharrachadh agus barrachd dhaoine òga a thoirt a-steach gu na roinnean tuathanachais, bidhe agus deoch.  

Tha an sgoil air a dhol còmhla ri Acadamaidh Farmer Jones, a chuireadh air chois le Richard Jones agus Sarah NicChoinnich, aig a bheil ùidh mhòr le chèile ann a bhith a’ fosgladh suas saoghal àiteachais dhan ath ghinealach.  Tha an ro-innleachd as ùire aca a’ leantainn air pìleat soirbheachail a bha aca ann an 2018/19, far an d’ fhuair sgoilearan air AS4-AS6 eòlas air àiteachas tro phrògram measgaichte de bhith a’ fàs nithean gu practaigeach agus clasaichean ullachaidh bidhe, cho math ri leasain gnothachais mun dòigh a dh’fhaodadh iad an stuth a mhargaidheachd agus a reic.

Mr Swinney with apprentice Jasmin IascarAnn am prògram a tha làn-amalaichte, tha am biadh a tha air fhàs leis a’ chloinn air a chleachdadh gu làitheil ann am Beach Cafè na sgoile, a chuireadh air chois mar phàirt de ro-innleachd Farmer Jones. Tha an cafaidh air a ruith le Highland Catering a tha an urra ri seirbheisean solarachd na sgoile, le taic bho na sgoilearan as sine, a’ toirt dhaibh an cothrom sgilean comas-obrach fhaighinn ann an àrainn shàbhailte agus shaorsainneil agus aig an aon àm a’ toirt cothrom do dhaoine òga a bhith ann an suidheachadh sòisealta. 

Thuirt Sara Abenheimer, an Leas-cheannaird aig Acadamaidh Inbhir Narann: “Tha a bhith ag obair le Acadamaidh Farmer Jones air cothrom a thoirt dhuinn ar curraicealam a leudachadh, a’ cur barrachd roghainnean agus theisteanasan ris a tha iomchaidh do luchd-fastaidh ionadail. Tha e air a bhith na stèidh airson seasmhachd, gar brosnachadh ann a bhith a’ dèanamh cheanglaichean ùra. Tha e a’ còrdadh ri sgoilearan a bhith ag obair ann an suidheachaidhean obrach phragtaigeach agus ag ionnsachadh bho raon nas fharsainge de phroifeiseantaich agus buill bhon choimhearsnachd.”

A’ cur air fearann torrach

Lean buaidh a’ phrògraim gu Acadamaidh Farmer Jones a bhith a’ cur tairgse a-steach gu soirbheachail airson 40 Preantasachdan Bunaiteach ann an Teicneòlas Bidhe agus Deoch, a bhiodh air an tabhann air a’ Ghàidhealtachd. 
Tha na Preantasachdan fosgailte do na sgoilearan as sine agus bidh iad air an tabhann ann an còig sgoiltean thar na roinne.  Bheir iad taic do dh’amas Riaghaltas na h-Alba a bhith a’ dùblachadh meud gnìomhachas a’ bhidhe agus na dibhe gu £30bn taobh a-staigh 10 bliadhna, le cùrsaichean bunaiteach air an tabhann do sgoilearan òga.  Gus an trèanadh a choileanadh, tha Acadamaidh Farmer Jones a-nis na Ionad Barantachaidh SQA, agus air a bhith soirbheachail ann a bhith a’ fastadh luchd-trèinidh agus luchd-dearbhaidh eòlach.