The General Teaching Council for Scotland

Enhancing professionalism in education since 1965

A special anniversary

A’ chiad sgoil a chaidh a thogail ann an Alba tro Mheadhan na Gàidhlig a’ comharrachadh deich bliadhna

O chionn ghoirid chomharraich sgoilearan, luchd-obrach agus pàrantan Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis gun robh deich bliadhna on dh’fhosgail an sgoil a dorsan do sgoilearan.  Bha tachartas comharrachaidh, a chuireadh air dòigh le Comhairle nam Pàrant agus luchd-obrach, air a dheagh fhrithealadh air feasgar Dihaoine 10 Samhain.
 
Bha mu 250 aoigh an làthair agus bha deagh chuirm aca le innealan-ciùil gan cluich, dannsa Gàidhealach agus aithris bhàrdachd bho chuid de na sgoilearan.

Thuirt an Ceannard an Gnìomh, Ciorstaidh NicBhiocair: “Is e co-obrachadh a bha seo eadar Comhairle nam Pàrant, luchd-obrach is sgoilearan agus abair gun do chòrd am biadh agus an deoch riutha.  Bha an sgoil a’ coimhead air leth snasail, le solais shònraichte a chuir Comhairle nam Pàrant suas agus brataich bheaga agus sgeadachaidhean bhrèagha a rinn na sgoilearan.

Thuirt Bill Alexander, Stiùiriche Cùraim is Ionnsachaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd, a bha an làthair aig an tachartas: “Tha e cudromach gun comharraich sinn na deich bliadhna a chaidh seachad on dh’fhosgail Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis an toiseach agus gum beachdaich sinn air an adhartas a tha Comhairle na Gàidhealtachd air a dhèanamh ann a bhith a’ lìbhrigeadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.   Bho 2007 tha sinn cuideachd air an dàrna sgoil Ghàidhlig fhosgladh air a’ Ghàidhealtachd – Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar – ann an 2015, agus aig an àm a tha an làthair tha sinn a’ togail an treas Bun-sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh.”
 
An uair a dh’fhosgail Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis an toiseach do sgoilearan air Dimàirt 14 Lùnastal 2007 aig An t-Slag Buidhe, faisg air Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, bha 100 sgoilear innte agus 45 san sgoil-àraich.  Tha a-nis 232 sgoilear innte agus 80 san sgoil-àraich. 

Scotland's first purpose-built Gaelic Medium school celebrates 10th anniversary

Pupils, staff and parents of Bun-sgoil Ghaidhlig Inbhir Nis recently celebrated ten years since the school opened its doors to pupils.  A celebratory event, organised by Parent Council and staff, was well attended on the evening of Friday 10 November.
 
Around 250 guests were entertained by a variety of musical and Highland dancing demonstrations and poetry recitals were given by some pupils.
 
Acting Head Teacher, Kirsty MacVicar, said: “This was a joint effort by Parent Council, staff and pupils who all enjoyed the barbeque and refreshments. We are very proud of all our pupils who performed on the evening.The school looked fantastic with special floodlighting provided by Parent Council and some beautiful tenth anniversary bunting and decorations which were made by pupils.”
 
Bill Alexander, Highland Council’s Director of Care and Learning, who attended the celebratory event added: “It’s important that we mark the past ten years since Bun-sgoil Ghaidhlig Inbhir Nis first opened and reflect on the progress that Highland Council has made in delivering the provision of Gaelic Medium Education. Since 2007 we also opened Highland’s second dedicated Gaelic school – Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar – in 2015 and are currently building a third dedicated Gaelic Primary School in Portree.”
 
When Bun-sgoil Ghaidhlig Inbhir Nis first opened to pupils on Tuesday 14 August 2007 at Slackbuie, near Inverness Royal Academy, it had a school roll of 100 pupils and 45 nursery pupils. The school now has 232 pupils and 80 nursery pupils.
 

Teaching Scotland

Sign-up to our newsletter

Editor contact: Evelyn Wilkins teachingscotland@gtcs.org.uk


Advertise with us