Please accept cookies from this site (What are cookies?)

Mu GTCS

'S e Comhairle Teagaisg Choitcheann na h-Alba am buidheann riaghailteachaidh neo-eisimeileach airson luchd-teagaisg dreuchdail ann an Alba.

Bha sinn air ar stèidheachadh ann an 1965 fo Teaching Council Scotland Act an dèidh iomagain gun robh riatanasan inntrigidh air tuiteam on Dàrna Cogadh agus gun robh luchd-teagaisg nach robh air an teisteanachadh ag obair ann an Sgoiltean na h-Alba.

B' e sinn a' chiad bhuidheann clàraidh dhreuchdail airson luchd-teagaisg san UK agus aon den chiad Chomhairle Teagaisg san t-saoghal.

Aithris Rùin

'S e Comhairle Teagaisg Choitcheann na h-Alba am buidheann riaghailteachaidh neo-eisimeileach a tha ag amas air inbhean teagaisg a ghleidheadh agus a leasachadh agus dreuchd an luchd-teagaisg adhartachadh ann an Alba. Tha sinn ag amas a bhith mar phrìomh bhuidheann san t-saoghal a thaobh chùisean co-cheangailte ri foghlam dreuchdail.

'S iad na prìomh amasan againn:-

  • Cuir ri leasachadh siostam foghlaim ann an Alba, a tha cho math 's a tha san t-saoghal
  • Inbhean dreuchdail ann an sgoiltean is colaistean a ghleidheadh agus a leasachadh an com-pàirteachas ri buidhnean eile
  • A bhith air ar n-aithneachadh mar bhuidheann-tagraidh airson dreuchd an teagaisg